Cò sinne?
.


Cò sinne?

'S e buidheann de luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann a tha annainn agus bidh sinn ag obair air àrach cànain agus dà-chànanachas anns a' chlann agus ann an inbhich.

Nas urrainn dhuinne dèanamh:

Bu toil leinn drochaid a thogail eadar an luchd-rannsachaidh agus a' choimhearsnachd (teaghlaichean dà-chànanach, luchd-teagaisg agus luchd-poileasaidh) gum faigh barrachd cloinne buannachdan an dà-chànanachais.

Dè an t-seirbheis a tha sinn a' solar?

A bheil teaghlachd dà-chànanach agaibh agus a bheil sibh airson ur cuid cloinne togail le dà chànan ach nach eil sibh gu tur cinnteach mar a nì sibh sin? A bheil dragh oirbh ach am bi buaidh air dà-chànanachas air foghlam ur cuid cloinne san sgoil? A bheil sibh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu inntinn cloinne dhà-chànanach 's mar a dh'obraicheas e?

Ma tha fiosrachadh air na cuspairean seo a dhìth oirbh no air cuspairean eile, 's urrainn dhuibh sùil a thoirt air na tha againn air an làrach-lìn seo no 's urrainn dhuibh post-dealain a chur thugainn aig info@bilingualism-matters.org.uk. Ach thoiribh an aire nach urrainn dhuinn toirt seachad ach comhairle air àrach dà-chànanachais àbhaisteach: chan urrainn dhuinn dèiligeadh ri duilgheadasan meadaigeach no saidhg-eòlach sam bith. Ma tha dragh oirbh mu shlàinte fhisigeach ur cloinne no slàinte an cuid inntinn, bu chòir dhuibh tionndadh dha na h-eòlaichean freagarrach.

Seirbheisean airson luchd-teagaisg

Tha sinn glè dheònach cèilidh air sgoiltean is sgoiltean-àraich gus bruidhinn air dà-chànachas 's a' toirt seachad fiosrachadh air dòigh 's a thuigeas duine sam bith.

Comhairleachadh

Tha sinn a' solar comhairleachadh do bhuidhnean eadar-nàiseanta agus tha sinn deònach obair còmhla ri luchd-poileasaidh mar luchd-comhairleachaidh agus cur ri aithisgean agus comhairleachaidhean a tha a' buntainn ri brosnachadh an dà-chànanachais agus ioma-chànanachais ann an sòisealtas na h-Alba.

Dè tha fa-near dhan t-seirbheis againn, a' coimhead fada air adhart?

'S e sgaoileadh fiosrachaidh cheart a thaobh an dà-chànanachais am measg theaghlaichean dà-chànanach agus luchd-teagaisg am prìomh amas a tha againn.

A' coimhead ris an ùine fhada, bu toil leinn:

  • aire a tharraing dhan fhiosrachadh agus do bhuannachdan an dà-chànanachais am measg theaghlaichean dà-chànanach, luchd-teagaisg agus luchd-poileasaidh.
  • cur ri sianalan is goireasan ùra ann an Alba a bhrosnaicheas an dà-chànanachas.
  • cur ri ro-innleachdan poileasaidh cànain ann an Alba agus iomairt airson poileasaidhean sònraichte a bhrosnaicheas an dà-chànanachas bho aois òg.
  • beàrnan fiosrachaidh a lorg far a bheil dearg fheum air sgaoileadh fiosrachadh an rannsachaidh air dà-chànanachas.