Ceistean àbhaisteach .


Nochd am fiosrachadh shìos anns a' bhileag 'Raising Bilingual Children' le Antonella Sorace agus Bob Ladd a' chiad turas anns a' Chèitean 2004 agus chaidh a fhoillseachadh leis an 'Linguistic Society of America'. Chaidh a h-ath fhoillseachadh an-seo uile gu lèir le cead a' chomainn. Airson barrachd fiosrachadh mu dèidhinn, cuiribh post-d gun 'The Linguistic Society of America' aig lsa@lsadc.org no tadhlaibh air an làrach aca aig http://www.lsadc.org.

Sorace, A. agus Ladd, D.R. 2004. Raising bilingual children. Sreath: Frequently Asked Questions, Linguistic Society of America.

CARSON A DH'IARRAINN CLANN DÀ-CHÀNANACH?

Tha iomadh adhbhar ann ach seo an dà as cumanta dhiubh:

  • Tha dà chànan eadar-dhealaichte aig na pàrantan (can, tè le Gáidhlig agus fear le Beurla).
  • Tha an dearbh chànan aig an dà phàrant ach tha iad beò ann an coimhearsnachd far a bheil a' mhòrchuid a' cleachdadh cànan eile (can, teaghlach Gàidhealach air a' Ghalldachd).

Anns a' chiad suidheachadh, 's dòcha gum bu toil leis a' mhàthair agus an t-athair an cànan aca fhèin a bhruidhinn leis a' chlann. Seo suidheachadh taighe dà-chànanaich. Anns an dàrna suidheachadh, 's dòcha gum bu toil leis na pàrantan an cànan aca fhèin a chleachdadh aig an toigh ged a bhios feum aig a' chlann cuideachd dèiligeadh ris an t-saoghal taobh a-muigh an taighe. Seo suidheachadh dà-chànanach san fharsaingeachd. 'S e suidheachadh far a bheil Eadailtis is Beurla againn aig an taigh ann an saoghal Beurla a th' againn fhìn agus tha cuid dhe na tha sinn a' dol a dh'innse dhuibh stèidhichte air ar n-eòlas fhèin le teaghlach dà-chànanach.

Air ais gu ceann na duilleige.

Nach bi a' chlann tro chèile nuair a chluinneas iad dà chànan mun cuairt orra?

Ann am facal, cha bhi. Tha a' chlann glè mothachail dha na diofar dòighean bruidhinn aig daoine. Fiù nuair nach bi ach an aon chànan aca, ionnsaichidh iad gu luath mu na diofar dòighean bruidhinn a tha air fireannaich is boireannaich, an diofar eadar cainnt mhodhail is mhì-mhodhail agus mar sin air adhart. Chan eil anns an dà-chànanachas dhan chlann ach diofar eile san dòigh bhruidhinn aig daoine!

Dh'innis luchd an fhoghlaim air feadh Aimeireaga a Tuath dha na pàrantan a bha a' tighinn dhan dùthaich gum biodh e na b' fhearr dhan chlann aca mura bruidhneadh iad aig an taigh ach Beurla. Bha cuid dhen luchd-rannsachaidh a' creidsinn gun robh clann a bha dà chànan mun cuairt orra ann an ana-cothrom. Tha rannsachadh nas ùire a' sealltainn nach eil seo fìor agus gum faod buannachdan a bhith aig an dà-chànanachas (a bharrachd air fileantachd ann an dà chànan), mar smaoineachadh nas sùbailte. Cha robh anns an ana-chothrom a lorg ann rannsachadh tràth sinn ach ana-cothrom eaconamach, co-cheangailte ri beatha cruaidh na feadhainn a thàining dhan dùthaich.

Tha dà-chànanachas uaireannan ag adhbarachadh gintinn cànain a tha beagan nas slaodaiche na tha e le clann aon-chànanach. Bha am mac as sine againn ag ràdh rudan mar Where you are? seach Where are you? fhathast aig aois ceithir gu leth. 'S e ceum nàdarra a tha seo do chlann aig nach eile ach Beurla cuideachd agus mar is trice bidh fios aca aig aois trì no ceithir gum bu chòir dhaibh Where are you? a ràdh seach Where you are. Thug am mac as sine againn dìreach greis a bharrachd.

Air ais gu ceann na duilleige.

Am bi clann dhà-chànanach a' measgachadh na cànain aca idir?

Dìreach mar a nì inbhich dhà-chànanach, bidh a' chlann aig a bheil dà chànan a' cleachdadh faclan bhon chànan eile nuair a bhios iad a' bruidhinn ri chèile. ('S e suidseadh còd a chanar ri seo). Ach chan eil seo a' ciallachadh gu bheil iad tro chèile mun chànan a tha iad a' bruidhinn. Anns an taigh againn le Eadailtis is Beurla, tha torr dhe na faclan mu dhèidhinn ar bìdh ann an Eadailtis agus tha sinn gan cleachdadh fiù nuair a bhios sinn a' bruidhinn Beurla (agus fiù nuair a bhios faclan Beurla ann). Canaidh sinn pollo  seach chicken agus sugo seach sauce. Ach, nuair a bhios iad a' bruidhinn ri daoine aig nach eil ach an aon chànan, tha clann dhà-chànanach glè fhaiceallach 's cha chleachd iad ach an aon chànan freagarrach.

Air ais gu ceann na duilleige.

Ma-thà, ciamar a thòisicheas sinn air dà chànan a theagasg dha 'r clann?

Anns a' chiad dol a-mach, cuimhnicheamaid nach bi pàrantan "a' teagasg" cànan dhan chlann, dìreach mura bi iad a' teagasg coiseachd no dèanamh gàire dhaibh. Tha dà rud chudromach ann: feum, agus gu bheil an cànan mun cuairt orra. Ma tha cànan sònraichte mun cuairt air a' chlann ann an iomadh suidheachadh le iomadh daoine bhon latha a rugadh iad, agus ma tha iad a' faireachdainn gu bheil an cànan feumail dhaibh gus dèiligeadh ris an t-saoghal mun cuairt orra, ionnsaichidh iad e. Ma bhios dà chànan mun cuairt orra ann an iomadh suidheachadh le diofar dhaoine bhon latha a rugadh iad, agus ma bhios feum aca air an dà dhiubh gus bruidhinn ris na daoine mun cuairt orra, ionnsaichidh iad an dà dhiubh.

Air ais gu ceann na duilleige.

An e an fhìrinn a th' ann, gun ionnsaich ar clann dà chànan leotha fhèin ma chluinneas iad iad bho àm am breith, gun rud sam bith eile?

Tha iomadh eòlaiche a' moladh an dòigh ris an canar "aon chànan am pàrant" airson taigh dà-chànanach. 'S e sin dòigh anns a bheil mamaidh (no Mamma, no Mutti) a' bruidhinn an cànan aice leis a' chlann agus dadaidh (no Papa no Vati) an cànan aige-san leotha. Seo deagh bhunait airson taigh dà-chànanch soirbheachail ach chan e seo an aon dòigh a th' ann. Agus dh'fhaodadh rudan a dhol cearr fiù le "aon chànan am pàrant".

Air ais gu ceann na duilleige.

Dè na duilgheadasan a bhios ann leis a' ghleus "aon chànan am pàrant"?

'S e cothromachadh aon dhe na duilgheadasan a dh'fhaodadh a bhith ann. Feumaidh a' chlann an dà chànan a chluinntinn gu tric 's ann an iomadh suidheachadh. Mura bi iad a' cluinntinn an cànan "nas lugha" ach bho aon phàrant, 's dòcha nach bi gu leòr dhen chànan mun cuairt orra gus a thogail gu nàdarra. Tha seo gu h-àraid fìor ma bhios an dà phàrant a' tuigsinn an cànan "nas motha" agus a' chlann a' faireachdainn nach eil feum aca air an fhear "nas lugha".

Ann an suidheachadh mar seo, tha e cudromach gum bi dòighean eile ann gus an cànan a chumail riutha agus feum air a' chànan a chruthachadh. Faodaidh seanmhairean is seanairean aig nach eil ach an aon chànan a bhith glè fheumail! Saoil an iarr thu air seanair no seanmhair no babysitter aig a bheil an cànan an cànan sin a chumail riutha? A bheil videothan no tèipichean sgeulachd ann sa chànan? Faodaidh buaidh mhòr a bhith aig rudan mar seo - gu h-àraid air gleusan far am bi iad a' bruidhinn ri daoine, seach a bhith dìreach a' coimhead air an TV. Rinn sinne rudan mar sinn nuair a bha ar clann òg gus an Eadailtis a bhrosnachadh ann an suidheachadh a bha cha mhòr gu tur làn Beurla.

Feumaidh an suidheachadh a bhith nàdarra agus faodaidh seo a bhith na dhuilgheadas cuideachd. Ma tha a' chlann a' faireachdainn gu bheilear a' sparradh rudeigin neònach no nàireach orra, 's dòcha gun seas iad na aghaidh. Faodaidh riaghailtean sònraichte - can aon chànan air làithean sònraichte na seachdain agus an cànan eile air làithean eile - a bhith doirbh cumail riutha agus faodaidh iad droch bheachdan adhbharrachadh.

Faodaidh dùnadh a-mach a bhith na dhuilgheadas cuideachd. Mur eil an cànan eile aig aon phàrant (can mur eil bean Albannach a' tuigsinn Turcais), bidh fios aig a' chlann gum bi iad a' dùnadh a-mach am màthair às a' chòmhradh gach turas a bhruidhneas iad Turcais ris an athair. Faodaidh gum fàs a' chlann mì-thogarrach an cànan sin a bhruidhinn nuair a bhios an dà phàrant an làthair. Fhad 's fhios dhuinne, bidh taigh dà-chànanch nas buailtiche air soirbheachas ma tha an dà chànan a' tuigsinn cànan a chèile air a' char as lugha - air an dòigh sin, cha tèid aon seach aon dhiubh a dhùnadh a-mach à còmhraidhean an teaghlaich.

Air ais gu ceann na duilleige.

Is dè mu dhèidhinn am bràithrean is peathraichean?

Faodaidh breith an dàrna chloinne cothromachadh nan cànan san dachaidh a chur tro chèile. Tha e gu math cumanta nach bi an dàrna clann cho fileanta 's a tha a' chiad chlann. Bidh a' chiad chlann a' bruidhinn dhan dàrna chlann san chànan "nas motha" mar is trice agus mar sin, cluinnidh an dàrna clann an cànan sin nas trice agus bidh nas lugha de dh'fheum aige no aice an cànan "nas lugha" a thogail. Smaoinich mu dhèidhinn seo agus nas urrainn dhut dèanamh mu dhèidhinn ro làimh. Cuir plana ri chèile a bhios freagarrach san t-suidheachadh agad. Faodaidh e a bhith feumail iarraidh air a' chlann nas sine taic a thoirt dhan chànan "nas lugha" san dachaigh.

Air ais gu ceann na duilleige.

B' àbhaist dha mo chlann a' bhith a' bruidhinn ar cànan gu sùbailte ach a-nis, bhon a tha iad a' dol dhan sgoil, tha a' Bheurla a' nochdadh fad na tìde. Dè nì mi?

Air do shocair. Tha measgachadh cànain gu math cumanta far a bheil barrachd air aon chànan ann. Cha chiall dha sinn gun dìochuimhnich a' chlann aon dhiubh agus cha chiall dha sin nach urrainn dhaibh an dà chànan a chumail bho chèile tuilleadh. Ma chàineas tu iad nuair a bhruidhneas iad Beurla, faodaidh seo droch bheachdan adhbharrachadh mu chànan an taighe agus faodaidh rudan fàs nas miosa an cois sin. Tha e nas fhearr suidheachaidheadh a chruthachadh far a bhios feum aig a' chlann air a' chànan sin - mar na seanairean is seanmhairean aon-chànanach air a tug sin iomradh roimhe!

Tuigidh tu an seòrsa seo de mheasgachadh cànain ma chuimhnicheas tu gu bheil e cudromach do thogail cànain gum bi an cànan mun cuairt air a' chlann. Nuair a bha do chlann òg, 's dòcha gun robh iad a' cluinntinn barrachd de chànan an taighe - can Sìnis - an coimeas ri Beurla. Tha iad a' dol dhan sgoil a-nis agus tha a' Bheurla riutha fad an latha agus tha iad ag ionnsachadh torr fhaclan ùra agus dòighean ùra airson a chleachdadh - ach ann am Beurla a-mhàin. 'S mathaid nach bi fios aca air an t-Sìnis air "notebook" no "social studies" no" prinicpal". Nuair a chleachdas iad facal Beurla ann an abairt Shìnis, innis dhaibh dè am facal Sìnis seach a bhith a' cur dragh ort mu chall cànan an taighe. Cuimhnich gum faod iad a bhith gu math fileanta fhathast ann an Sìnis, fiù ma bhios a' Bheurla na chànan nas làidire aca.

Air ais gu ceann na duilleige.

Fiosrachadh eile

Baker, Colin. 1995. A Parents’and Teachers’ Guide to Bilingualism. Multilingual Matters.

Grosjean, François. 1982. Life with Two Languages. Harvard University Press.

Harding-Esch, Edith, is Philip Riley. 2003. The Bilingual Family: A Handbook for Parents. 2na clò, Cambridge University Press.

Air ais gu ceann na duilleige.