Comhairle is fiosrachadh airson teaghlaichean dà-chànanach a tha stèidhichte air rannsachadh cànan an latha .


Alba - sòisealtas dà-chànanach

'S e dùthaich ioma-chànanach a tha ann an Alba 's a-rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid, thathar a' bruidhinn 106 cànain eadar-dhealaichte an-seo air a' char as lugha. Am measg pobal de 5 mìllean a dhaoine, tha cothrom mòr an lùib a' bheartais chànain seo a thaobh iomadachd cànain, cothroman eaconomach agus foghlam nas beartaiche. Ge-tà, a bheil sinn deiseil am beartas seo a chur gu feum?

Bidh a’ chlann a' cluinntinn dà no barrachd chànan bhon latha a rugadh iad ann an iomadh àite san t-saoghal ach tha dà-chànanachas 'na rud caran ùr ann an iomadh àite san Roinn Eòrpa. Air sgàth sin, thathar a' beachdachadh air suidheachadh far an cluinn clann barrachd air aon chànan mar rud 'sònraichte' no fiù 'cunnartach' do chomasan na cloinne gu tric. Agus tha iomadh droch bheachd is mì-thuigse co-cheangailte ri dà-chànanachas fhathast mar sin. 'S e aineolas a tha air cùlaibh seo mar is trice. Tha e 'na amas dhuinn fiosrachadh a sgaoileadh am measg nan daoine air buannachdan an dà-chànanachais agus brosnachadh a thoirt do theaghlaichean is luchd-teagaisg gun urrainn dhaibh taic a thoirt do chlann a tha a' togail barrachd air aon chànan.

Buannachdan an dà-chànanachas

Tha an rannsachadh a' sealltainn gu bheil buannachdan anns an dà-chànanachas airson leasachadh na cloinne agus am beatha. Tha dà-chànanachas a' toirt tuilleadh is dà chànan dhan chlann! Bidh clann a tha a' fàs mòr le diofar cànain nas mothachail do chultaran eadar-dhealaichte agus daoine eile. An coimeas ris an fheadhainn aig nach eil ach an aon chànan, bidh iad nas fhearr air 'multitasking' is aire a thoirt do chuspair, bidh iad a' leughadh nas tràithe agus tha e nas fhasa dhaibh cànain eile ionnsachadh. Bu chòir dhuinn brosnachadh a thoirt do dhà-chànanachas seach càineadh! 

Bilingualism Matters anns na meadhanan agus air an lìon

  • Thug CRE ann an Alba taic choibhneil dhuinn gus an iomairt againn a chur air bhog.
  • Artagal san Herald mu chur air bhog na h-iomairt againn
  • Bhon The Journal (pàipear oileanach ann an Dùn Èideann)